• Anns an aiste seo bheirear sùil air dà nobhail, An Dosan (2015), le Norma NicLeòid, agus Melog (1997), le Mihangel Morgan, a’ sgrùdadh mar a tha iad a’ riochdachadh agus a’ ceasnachadh na dàimhe eadar ‘fìorachd’ is ‘ficsean’. Le bhith a’ sgrùdadh an dà theacsa seo ri taobh a chèile, feuchar ri sealltainn gur urrainn do theacsaichean litreachasail a bhith feumail mar thùsan ‘teòiridheil’, agus le bhith a’ cur nobhail Ghàidhlig an còmhradh ri nobhail Chuimris, thathar a’ feuchainn ri ‘litreachas coimeasach Ceilteach’ a thaisbeanadh. Tha na nobhailean seo a’ togail cheistean cudromach mun sgaradh fharsaing a nithear eadar ‘fìorachd’ is ‘ficsean’, ceistean a tha co-cheangailte ri dùbhlain phoileataigeach cho-aimsireil: buaidh na colonachd-tuineachaidh ann an Amaireaga a Tuath, an dàimh eadar sòisealtas is ‘tinneas-inntinn’, agus cunnartan is cumhachdan an nàiseantais san latha an-diugh.

    //

    Yn y traethawd hwn archwilir dwy nofel, An Dosan (2015), gan Norma NicLeòid, a Melog (1997), gan Mihangel Morgan, gan ddadansoddi sut y maent yn darlunio ac yn holi’r berthynas rhwng ‘realiti’ a ‘ffuglen’. Trwy ddadansoddi’r ddau destun hwn wrth ei gilydd, ceisir dangos bod testunau llenyddol yn gallu bod yn ddefnyddiol fel deunydd ‘theoretaidd’, a gan roi nofel Aeleg mewn ymddiddan â nofel Gymraeg ceisir arddangos ‘llenyddiaeth gymharol Geltaidd’. Mae’r ddwy nofel hon yn codi cwestiynau pwysig am y rhaniad llydan a wneir rhwng ‘realiti’ a ‘ffuglen’, cwestiynau sy’n gysylltedig â heriau gwleidyddol cyfoes: dylanwad yr wladychiaeth ymsefydlwr yng Ngogledd America, y berthynas rhwng cymdeithas ac ‘afiechyd meddwl’, a pheryglon a grymoedd y cenedlaetholdeb heddiw.